by Babs Nicgriogair
Because the night belongs to us Tha na sràidean teth timcheall a h-uile duine a’feitheamh ’s a’feitheamh Ri dol fodha na gréine Amhaich thioram, mionach falamh A’gluasad ’s a’ gearan An-fhoiseil an -fhoiseil Ramadan ’s an t-òg mhìos, ann an Glaschu , tha e doirbh Tha an latha cho fada tha m’fhoighidinn cho goirid Tha mi feitheamh ort a ghràidh ’s an t-acras orm Tha na mnàthan timcheall a’geurachadh an sgeinean gearradh ’s mion-gearradh, a’feitheamh ’s a’feitheamh Ri dol fodha na gréine Biryiani, Aloo Gobi Praisean a’goil ’s am baile air bhoil An-fhoiseil an-fhoiseil Ramadan ’s an t-òg mhìos ann an Glaschu, tha e doirbh Tha mi air leughadh ’s air leaghadh Leantainn recipe ùr Tha mi feitheamh ort a ghràidh ’s an t-acras orm Taobh a-muigh tha na càraichean a’casadaich ’s na boy racers bragail a’ feitheamh ’s a’feitheamh Ri dol fodha na gréine Gach fear gun cead òl ach draibhigeadh mar misgear Brands Hatch a risd An -fhoiseil an fhoiseil Ramadan ’s an t-òg mhìos ,ann an Glaschu, tha e doirbh Tha am bòrd deiseil Àite ann airson dithis Tha mi feitheamh ort a ghràidh ’s an t-acras orm Tha na busaichean làn , tha na solais dearg ’s tu air an 41 taobh an ear a’feitheamh ’s a’feitheamh ri dol fodha na grèine an rathad romhad , teanga fhada dhubh a’ rock ‘n roiligeadh an -fhoiseil, an-fhoiseil Ramadan ’s an t-og mhìos ann an Glaschu, tha e doirbh Ithidh sinne le ar làmhan Gu slaodach, gu sùghmhor Tha mi feitheamh ort a ghràidh ’s an t-acras orm Because the night belongs to us ( translation) The streets are hot round here Everybody waiting, just waiting For sundown Dry throats, empty bellies grumbling and groaning restless, rest less Ramadan in Glasgow in June is hard The day is so long My patience so short I am waiting for you my love And I am hungry The women round here are sharpening their knives Chopping and dicing, waiting just waiting For sundown Biryiani, Aloo Gobi Pots boiling, the town in a frenzy restless, rest less Ramadan in Glasgow in June is hard I have been reading and melting Following a new recipe I am waiting for you my love And I am hungry Outside the cars are coughing Cocky boy racers waiting just waiting For sundown Each one tee-total but driving like a drunk Brands Hatch again restless, rest less Ramadan in Glasgow in June is hard The table is set For two I am waiting for you my love And I am hungry The buses are full, the lights are red You’re on the 41 east-side, waiting just waiting For sundown The road before you a long black tongue rocking and rolling restless, rest less Ramadan in Glasgow in June is hard We will eat with our hands Slowly and succulently I am waiting for you my love And I am hungry Comments are closed.
|
© DOCKYARD PRESS